poslat odkaz na aplikaci

Dèan Matamataig


4.6 ( 4416 ratings )
Vzdělávání
Vývojář: Stòrlann
Zdarma

Practas àireamhachd bhunaiteach sa Ghàidhlig. Leis an app eadar-obrachail againn, tha e furasta matamataig bunaiteach a phractasadh sa Ghàidhlig. Tha measgachadh mòr de dh’àireamhan agus de ghnìomhan ri dhèanamh. Leigidh am mòd practas leat faighinn gu dol, agus nuair a dh’fhàsas tu nas luaithe, faodaidh tu gluasad gu mòd deuchainn gus faighinn a-mach ciamar a tha a’ dol dhut. Mar as motha a nì thu de phractas, ’s ann as luaithe a thig do sgilean àireamhachd air adhart. Le bhith ga chleachdadh gu tric, gheibh thu tuigse nas fheàrr air àireamhan sa Ghàidhlig. Feuch gum bi spòrs agad!

Na tha ann:

• Còrr is 200 faidhle fuaim leis an èist thu ri àireamhan sa Ghàidhlig
• Mòd practas stad-uaireadair gus faicinn ciamar a thèid dhut ann an rèisean 30, 45 & 60 diog.
• Mòd deuchainn gus faicinn ciamar a tha thu a’ tighinn air adhart.

Gnìomhan air an togail air diofar chuspairean gus an t-ionnsachadh agad a chur an òrdugh:

• Àireamh a dhìth
• Dèan 10
• Dèan 20
• Pàidhrichean
• Dùblaichean
• Lethean
• Suas gu 10
• Cur-ris, Toirt-air-falbh, Iomadachadh, Roinneadh
• Diofar sheallaidhean eadar-aghaidh a leigeas leis an neach-cleachdaidh sgilean cànain sònraichte a leasachadh, mar eisimpleir a’ leughadh agus ag èisteachd ri àireamhan:

• Leugh
• Àireamh
• Èist

---

Practice basic numeracy in Scottish Gaelic. With our easy to use interactive app you can practice basic mathematics in the medium of Scottish Gaelic. There are lots of combinations of numbers and calculations for you to get your teeth into! Practice mode will help you to get started and when your up to speed switch to test mode to find out how you’re doing. The more you practice, the quicker your number skills will improve. With frequent use you will get better at understanding numbers in Scottish Gaelic. Have fun!

Featuring:

• Over 200 sound files for you to listen to numbers in Gaelic
• Stopwatch practice mode to see how you perform over 30, 45 & 60 second sprints.
• Test mode to see how you are progressing.
• Activities structured by themes to organise you learning:

• Missing number
• Make 10
• Make 20
• Pairs
• Doubles
• Halves
• Up to 10
• Addition, subtraction, multiplication & division.

A choice of user interface view to develop specific language skills such as reading & listening to numbers:

• Read
• Number
• Listening